Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dhùn Stafhainis, faisg air an Òban
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0848
ÀITE
Caisteal Dhùn Stafhainis
SGÌRE
Ceann a Deas Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde
LINN
20c
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10740
KEYWORDS
togail-dhealbh
A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan
eachdraidhean sòisealta
caisteil
dealbh
Dunstaffnage Castle, near Oban

Tha làraich Caisteal Dhùn Stafhainis a tuath air an ôban, aig làrach cudromach air Linne Latharna aig beul Loch Eitibh. Chaidh an dealbh seo le sealladh de Dhùn Stafhainis a thogail le M.E.M. Donaldson anns a' chi9ad leth dhen 20mh linn.

Bha an sgìre mun cuairt air Dun Stafhainis cudromach aig aon àm airson nan slighean mara air a'chosta an iar. Chaidh dùn a thogail anns an t-seachdamh linn an uair a rinn Righrean Dhalriada imrich dhan sgìre bho Èirinn. Chaidh Caisteal Dhùn Stafhainis a thogail anns an 13mh linn le clann Dùghaill agus fhuair Raibeart Brus smachd air a' chaisteal ann an 1309 an uair a dhiùlt iad an dìlseachd a thoirt dha. An dèidh làimh, chaidh an caisteal a thoirt do na Caimbeulaich agus bha e na ghearastan do fheachdan an Riaghaltais rè àr-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Bha e cuideachd air a chleachdadh mar phrìosan airson ùine ghoirid do dh'Fhionnghall NicDhòmhnaill ann an 1746 airson na rinn i gus taic a thoirt dhan Phrionnsa Teàrlach gus teiche à Uibhist.

Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig I chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail I mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949 rinn I iomadach leabhar air eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh air Eilean I

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dhùn Stafhainis, faisg air an Òban

EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde

20c

togail-dhealbh; A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan; eachdraidhean sòisealta; caisteil; dealbh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection