Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t-Òban le Tùr MhicCaig
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0849
ÀITE
An t-Òban
SGÌRE
Ceann a Deas Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde
LINN
20c
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10741
KEYWORDS
togail-dhealbh
A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan
eachdraidhean sòisealta
turasachd
iasgach
bàta-smùide
dealbh
puirt
carraighean-cuimhne
Oban with McCaig's Folly

Chaidh an dealbh seo dhen Òban a thogail anns a' chiad leth dhen 20mh linn. Tha Tùr MhicCaig, no 'McCaig's Folly' mar a chanar ris cuideachd, ri fhaicinn gu h-àrd os cionn a' bhaile. Chaidh a thogail ann an 1897 ann an stoidhle Coloseum Ròmanach le bancair ionadail.

Anns an 18mh linn, b' e baile beag iasgaich agus malairt a bh' anns an Òban. An uair a thàinig bàtaichean-smùide Bhictorianach agus an loidhne-rèile, dh'fhàs am baile gu bhith na phrìomh bhaile siorramachd Earra-Ghàidheil. Le fasgadh aig a' bhaile bho gach taobh bho eilean Chearrara, thòisich am baile air a bhith na phrìomh phort airson bàtaichean a bha a' dol dha na h-Eileanan Siar agus bhiodh bàtaichean-smùide tric a' dol ann air an slighe bho Inbhir Nis gu Glaschu tro Shlighe-uisge a' Ghlinn Mhòir agus a' Chrianain.

Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig I chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail I mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949 rinn I iomadach leabhar air eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh air Eilean I

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Òban le Tùr MhicCaig

EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde

20c

togail-dhealbh; A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan; eachdraidhean sòisealta; turasachd; iasgach; bàta-smùide; dealbh; puirt; carraighean-cuimhne

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection