Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dhùn Ollaigh, An t-Òban
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0850
ÀITE
An t-Òban
SGÌRE
Ceann a Deas Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde
LINN
20c
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10742
KEYWORDS
togail-dhealbh
A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan
eachdraidhean sòisealta
Seumasaich
caisteil
dealbh
Dunollie Castle, Oban

Chaidh an dealbh seo de thobhtaichean Caisteal Dhùn Ollaigh a thogail anns a' chiad leth dhen 20mh linn. Chaidh an dealbh a thogail le M.E.M. Donaldson.

Tha Caisteal Dhùn Ollaigh air rubha creagach a' coimhead a-mach air Bàgh an Òbain. Tha cladhach air an làrach air a shealltainn gun robh daoine a' fuireach air an làraich cho tràth ris an t-seachdamh linn ach chaidh na tobhtaichean bho na meadhan linntean a chithear an-diugh a thogail mu 1200-1400AD. B' e an caisteal seann chathair Chlann Dùghaill, Tighearnan Latharna, aig an robh an treas cuid de dh'Alba aig aon àm. Chaidh an caisteal a thoirt dhan Chrùn an dèidh àr-a-mach nan Seumasach ann an 1715 ach chaidh a thilleadh do Chlann Dùghaill an dèidh sin. Dh'fhàg Clann Dùghaill an caisteal ann an 1746 airson taigh mòr dùthchail faisg air làimh. Tha tobhtaichean a' chaisteil fhathast le MacDhùghaill Chlann Dùghaill.

Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig I chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail I mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949 rinn I iomadach leabhar air eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh air Eilean I

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dhùn Ollaigh, An t-Òban

EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde

20c

togail-dhealbh; A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan; eachdraidhean sòisealta; Seumasaich; caisteil; dealbh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection