Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clach na Carraig no Clach Diarmid, Sròn Toilleir, Gleann Lònan
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0857
ÀITE
Sròn Toilleir
SGÌRE
Ceann a Deas Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde
LINN
20c
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10749
KEYWORDS
togail-dhealbh
A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan
eachdraidhean sòisealta
tursachan
dealbh
Clach na Carraig or Clach Diarmid, Strontoiller, Glen Lonan

'S ann aig Sròn Toilleir, Gleann Lònan, Earra-ghàidheal, a tha an leac-sheasamh san dealbh-chamara seo a chaidh a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn. 'S e Clach na Carraig, no Clach D(h)iarmid a tha iad a' cur oirre, agus 's i tè de na leacan nan seasamh as drùidhtich a th' ann an Earra-ghàidheal. A-rèir beul-aithris, tha an leac seo, còmhla ri dà charraig eile a tha faisg oirre - cearcall cloiche is càrn - a' comharrachadh uaigh Dhiarmaid, curaidh cliùiteach Èireannach.

Rugadh an neach-togail-dhealbh, Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig I chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail I mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949 rinn I iomadach leabhar air eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh air Eilean I.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clach na Carraig no Clach Diarmid, Sròn Toilleir, Gleann Lònan

EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde

20c

togail-dhealbh; A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan; eachdraidhean sòisealta; tursachan; dealbh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection