Ùrachadh mu Dheireadh 21/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Abhainn Afraig
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0878
ÀITE
Abhainn Afraig
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10770
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
eachdraidh shòisealta
dealbh camara
aibhnichean
beinn
beanntan
glinn
River Affric

Tha Abhainn Afraig ag èirigh aig bonn an Aonaich Mheadhain, tè de Chòig Peathraichean Chinn Tàile. Tha Abhainn Afraig a' ruith gu tuath tro Ghleann Afraig gu Loch Afraig is Loch Beinn a' Mheadhain. Tha an abhainn agus Abhainn Deabhag a' coinneachadh beagan an iar dheas air Fàs na Coille agus a' dol don Abhainn Ghlas. Chaidh an dealbh seo den Afraig a thogail sa chiad leth den 20mh linn. Chaidh a togail le M.E.M. Donaldson.

Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a thog i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Abhainn Afraig

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

20l

Gàidhealtachd agus Eileanan; eachdraidh shòisealta; dealbh camara; aibhnichean; beinn; beanntan; glinn

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection