Ùrachadh mu Dheireadh 09/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clais mhòr, Abhainn Afraig
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0882
ÀITE
Abhainn Afraig
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10774
KEYWORDS
a' togail dhealbhan
claisean mòra
dealbh
aibhnichean
glinn
Gorge, River Affric

Tha a' chlais mhòr seo a tha na phàirt de Abhainn Afraig aithnichte mar Cadha an t-Siosalaich. Chaidh an dealbh a thogail anns a' chiad phàirt den 20mh linn le M.E.M NicDhòmhnaill.

Tha Abhainn Afraig ag èirigh fo chnuic Aonach Meadhain air Druim a Tuath Ghleann Seile. Tha I a' dèanamh a slighe gu tuath tro Ghleann Afraig a-steach gu Loch Afraig agus gu Loch Beinn a' Mheadhain mus bi I a' coinneachadh ri Abhainn Deabhag gus an Abhainn Ghlas a chruthachadh, dìreach taobh an iar dheas Fàs na Coille. Chaidh dealbh den drochaid seo thairis air Abhainn Afraig, a tha 's dòcha aig ceann Loch Beinn a' Mheadhain, a thogail anns a' chiad phàirt den 20mh linn le M.E.M NicDhòmhnaill.

Rugadh Màiri Ethel Muir NicDhòmhnaill ann an 1876 agus thàinig I don Ghàidhealtachd timcheall air 1908. Shiubhail I timcheall taobh an iar agus taobh a tuath na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan aon de na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn I a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949 dh'fhoillsich a' Bh-Uas NicDhòmhnaill mòran leabhraichean mun eachdraidh shòisealta agus na cleachdaidhean anns an taobh an iar agus a tuath den Ghàidhealtachd. 'S e dhà de na leabhraichean as ainmeile aice 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' agus tha na dhà dhiubh làn de na dealbhan aice fhèin. Chaochail I ann an taigh-altraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clais mhòr, Abhainn Afraig

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

20l

a' togail dhealbhan; claisean mòra; dealbh; aibhnichean; glinn

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection