Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Machair aig Bàgh Shanna, Àird nam Murchan
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0888
ÀITE
Sanna
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10782
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
eachdraidh shòisealta
crìonadh talmhainn
dealbh camara
bàighean
costa
costaichean
cladach
cladaichean
gainmheach, tràigh
Machair at Sanna Bay, Ardnamurchan Peninsula

Is e seòrsa de thalamh ionaltraidh a tha torrach is so-leònte a th' ann am machair. Tha mòran slige ann an gainmhich a' mhachaire. Tha na machraichean suidhichte air costa an iar na Gàidhealtachd, anns na h-Eileanan Siar gu h-àraidh. Gu tric cleachdaidh coimhearsnachdan machraichean airson àiteachais is ionaltradh. Tha am machair an cunnart bho àrdachadh ann an ìre na mara agus bho stoirmean sa Chuan Siar a tuath. Anns an dealbh seo, chithear am machair aig Bàgh Shanna, air costa an iar-thuath rubha Àird nam Murchan. Tha oir a' mhachair a' crìonadh. Chaidh a togail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn.

Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a thog i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Machair aig Bàgh Shanna, Àird nam Murchan

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

20l

Gàidhealtachd agus Eileanan; eachdraidh shòisealta; crìonadh talmhainn; dealbh camara; bàighean; costa; costaichean; cladach; cladaichean; gainmheach, tràigh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection