Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crois shnaidhte, Manachainn Orasaigh
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0901
ÀITE
Manachainn Orasaigh
SGÌRE
Diùra agus Colbhasa
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10795
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
eachdraidh shòisealta
Augustanaich
Tighearna na Eilean
dealbh camara
manachainnean
eileanan
Tighearnas nan Eilean
snaidheadh
clachaireachd
Sculptured cross, Oronsay Priory

Tha a' chrois shnaidhte seo ann an àrainn Manachainn Orasaigh agus chaidh an dealbh a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson. Thathar air ceann agus crann na croise a cheangal ri chèile agus dh'fhaoidte nach robh iad às an aon chrois bho thùs. Tha Orasaigh beagan a deas air Eilean Colbhasa. Gheibh duine air coiseachd air a' ghainmhich eadar an dà eilean nuair a tha an làn a-muigh. Chaidh manachainn nan Augustanach a stèidheachadh sa 14mh linn le Iain Ì, Tighearna nan Eilean. Bhiodh leacan uaighe agus croisean le pàtranan iom-fhillte air an snaigheadh ann an Orasaigh suas ri tòiseach an t-siathamh linn deug. Chaidh an dealbh seo den mhanachainn a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson.

Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a thog i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crois shnaidhte, Manachainn Orasaigh

EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa

20l

Gàidhealtachd agus Eileanan; eachdraidh shòisealta; Augustanaich; Tighearna na Eilean; dealbh camara; manachainnean; eileanan; Tighearnas nan Eilean; snaidheadh; clachaireachd

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection