Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Manachainn Orasaigh
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0905
ÀITE
Manachainn Orasaigh
SGÌRE
Diùra agus Colbhasa
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10799
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
eachdraidh shòisealta
altairean
Augustanaich
leac uaighe, dealbh camara
manachainnean
eileanan
Tighearnas na Eilean
snaigheadh
Oronsay Priory

Tha Orasaigh beagan a deas air Eilean Cholbhasa. Gheibh duine air coiseachd air a' ghainmhich eadar an dà eilean nuair a tha an làn a-muigh. Chaidh manachainn nan Augustanach a stèidheachadh sa 14mh linn le taic bho Iain Ì, Tighearna nan Eilean. Bhiodh leacan uaighe agus croisean le pàtranan iom-fhillte air an snaigheadh ann an Orasaigh suas ri tòiseach an t-siathamh linn deug. Chaidh an dealbh seo den mhanachainn a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson.

Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. 'S e fear de na h-àiteachan a b' fheàrr leatha Rudha Àird nam Murchan agus 's ann an sin ann an Sanna a rinn i a dachaigh ann an 1927.

Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre, agus nam measg thug i seachad cunntas air togail a dachaigh fhèin ann an Sanna. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Manachainn Orasaigh

EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa

20l

Gàidhealtachd agus Eileanan; eachdraidh shòisealta; altairean; Augustanaich; leac uaighe, dealbh camara; manachainnean; eileanan; Tighearnas na Eilean; snaigheadh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection