Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crois Orasaigh (aghaidh an ear)
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0906
ÀITE
Manachainn Orasaigh
SGÌRE
Diùra agus Colbhasa
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10800
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
eachdraidh shòisealta
altairean
Augustanaich
leac uaighe, dealbh camara
manachainnean
Tighearnas na Eilean
faclan snaighte
Oronsay Cross (east face)

Tha Crois Orasaigh, crois le ceann crainn, bho dheireadh an 15mh linn no tòiseach an 16mh linn, ann an àrainn manachainn Orasaigh. Chaidh a thogail airson Colinus no Maolchalum MacDhubhaich, Tighearna Cholbhasa agus ceann cinnidh Clann Dhubhaich aig deireadh an 15mh linn. Chaidh manachainn nan Augustanach a stèidheachadh san 14mh linn le taic bho Iain Ì, Tighearna nan Eilean. Bhiodh leacan uaighe agus croisean le pàtranan iom-fhillte air an snaigheadh ann an Orasaigh suas ri tòiseach an t-siathamh linn deug.

Tha Crois Orasaigh air aon den fheadhainn as fheàrr 's a mhair air Gàidhealtachd an Iar na h-Alba. Tha pàtran le ochd duilleagan snaidhte air a' cheann air aghaidh an ear na croise (a tha ri faicinn san dealbh seo) agus tha gaisean fillte agus sàganan air a' chrann. Tha ainm an t-snaidheadair, Mael-Sechlainn O Cuinn, snaidhte ann an Laideann ann am bun-chlach na croise.

Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a thog i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crois Orasaigh (aghaidh an ear)

EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa

20l

Gàidhealtachd agus Eileanan; eachdraidh shòisealta; altairean; Augustanaich; leac uaighe, dealbh camara; manachainnean; Tighearnas na Eilean; faclan snaighte

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection