Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taighean, Baile Ghleann Comhann
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0912
ÀITE
Gleann Comhann
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10806
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
eachdraidh shòisealta
dealbh camara
baitean
bailtean
beinn
beanntan
glinn
murt
Caimbeulaich
Clann Dòmhnall
cinnidhean
taigh
taighean
Cottages, Glencoe Village

Tha baile Ghleann Comhann aig bonn Sgùrr na Cìche, ann an ceann a deas Ghleann Chomhann faisg air ceann Loch Lìobhann. Chaidh carragh-chuimhne a thogail anns a' bhaile ann an 1883 mar urram do na daoine a chaidh a mharbhadh ann am murt Ghleann Chomhann. Chaidh an dealbh seo de thaighean a thogail anns a' chiad leth den 20mh linn le M.E.M Donaldson. Thathar a' creidsinn gur ann am Baile Ghleann Comhann a tha na taighean seo.

Thachair murt Ghleann Comhann sa gheamhradh ann an 1692. Fon cheannard Caiptean Raibeart Caimbeul, Fear Ghleann Lìobhann, thòisich saighdearan Caimbeulach a' marbhadh nan Dòmhnallach, luchd nan taighean aoigheil, mar dhìoghaltas air cho fada 's a bha an ceann-feadhna, Alasdair MacIain, gun a bhith a' guidhe a dhìlseachd do Rìgh Uilleam III. Aig briseadh an latha air 13mh Gearran chaidh òrdugh a thoirt seachad do na fir Chaimbeulach - 'putt all to the sword under seventy'. Chaidh a h-ochd duine deug air fhichead a mharbhadh aig an àm agus bhàsaich feadhainn eile a-rithist le dìth fasgaidh. Tha daoine cho nimheil mun mhurt air sgàth gun do bhris e cleachdaidhean aoigheachd na Gàidhealtachd: bha muinntir Chlann Dòmhnaill air aoigheachd a thoirt do na Caimbeulaich fad làithean mus do rinn iad am murt

Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a thog i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taighean, Baile Ghleann Comhann

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

20l

Gàidhealtachd agus Eileanan; eachdraidh shòisealta; dealbh camara; baitean; bailtean; beinn; beanntan; glinn; murt; Caimbeulaich; Clann Dòmhnall; cinnidhean; taigh; taighean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection