Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dùnan nan Nighean, Colbhasa
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0921
ÀITE
Dùnan nan Nighean
SGÌRE
Diùra agus Colbhasa
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10814
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
eachdraidh shòisealta
dachaigh
dachaighean
taigh
taighean
làrach arceòlach
eileanan
Dunan nan Nighean, Colonsay

Is daingneachd no cuairteachadh beag bho Linn an Iarainn a th' ann an dùn. Mar bu thrice, bhiodh e cruinn no ugh-chruthach agus gu tric bhiodh e air a thogail air creig no cnocan iomchaidh. 'S dòcha gur e an dachaigh aig aon teaghlach àrd-ìre a bh' anns an dùn. Chithear tobhta Dùnan nan Nighean air Eilean Cholbhasa ann an dealbh seo a chaidh a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M Donaldson.

Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a thog i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dùnan nan Nighean, Colbhasa

EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa

20l

Gàidhealtachd agus Eileanan; eachdraidh shòisealta; dachaigh; dachaighean; taigh; taighean; làrach arceòlach; eileanan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection