Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Flùraichean sa Choille, Colbhasa
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0923
ÀITE
Colbhasa
SGÌRE
Diùra agus Colbhasa
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10816
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
eachdraidh shòisealta
flora
curraicean-cubhaige
dealbh camara
coille
coillteach
eileanan, lùsan
Woodland flowers, Colonsay

Tha an dealbh seo ann an coille ann an Eilean Cholbhasa, a' sealltainn fhlùraichean. Is dòcha gur e curraicean-cubhaige a th'annta. Chaidh an dealbh seo a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn.

Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. 'S e fear de na h-àiteachan a b' fheàrr leatha Rudha Àird nam Murchan agus 's ann an sin ann an Sanna a rinn i a dachaigh ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a thog i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Flùraichean sa Choille, Colbhasa

EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa

20l

Gàidhealtachd agus Eileanan; eachdraidh shòisealta; flora; curraicean-cubhaige; dealbh camara; coille; coillteach; eileanan, lùsan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection