Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Chill Odhrain, Colbhasa
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0924
ÀITE
Bàgh Chill Odhrain
SGÌRE
Diùra agus Colbhasa
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10817
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
eachdraidh shòisealta
Lochlannaich
tìodhlacaidhean bàta
dealbh camara
bàighean
uaighean
eileanan
costa
costaichean
airc-eòlas
Kiloran Bay, Colonsay

Tha Colbhasa beagan a tuath air Eilean Orasaigh. Gheibh duine air coiseachd air a' ghainmhich eadar an dà eilean nuair a tha an làn a-muigh. Chaidh an dealbh seo a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson. Is dòcha gur e Bàgh Chill Odhrain a tha anns an deilbh.

Ann an 1882 lorgadh Lochlannach air a thìodhlachadh san luing aige ann am Bàgh Chill Odhrain. Bha am fear Lochlannach air tìodhlacadh aig deireadh an 9mh no tòiseach an 10mh linn còmhla ris an each aige, a bhuill-airm agus gnothaichean eile a bhiodh aige bho latha gu latha mar bhuinn, chlachan-tomhais agus cothrom.

Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a thog i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Chill Odhrain, Colbhasa

EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa

20l

Gàidhealtachd agus Eileanan; eachdraidh shòisealta; Lochlannaich; tìodhlacaidhean bàta; dealbh camara; bàighean; uaighean; eileanan; costa; costaichean; airc-eòlas

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection