Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clasch shnaidhte, Tobar Oran, Colbhasa
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0926
ÀITE
Taigh Cholbhasa
SGÌRE
Diùra agus Colbhasa
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10819
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
eachdraidh shòisealta
clachan snaidhte
tobraichean
dealbh camara
snaidheadh
croisean
eileanan
caibeilean
eaglais
eaglaisean
an eaglais Cheilteach
Sculptured stone, Tobar Oran, Colonsay

B' àbhaist don chloich shnaidhte seo, a chaidh a dèanamh san 9mh no san 10mh linn, a bhith na seasamh faisg air làraich na seann caibeil ann an Riasg Buidhe ann an Eilean Cholbhasa. Tha i a-nis na seasamh ann an Tobar Òran, an tobar naomh aig Taigh Cholbhasa. Chaidh an dealbh seo den chloich a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M Donaldson. Thathar air a' chlach a shnaidheadh gus cruth croise a dhèanamh. Tha an ceann aig bàrr a' chrois a' riochdachadh Dia no Crìosd agus tha e coltach gu bheil an comharra mun smiogaid a' riochdachadh feusag. Tha gàirdeanan air a bheil pàtran snìomhach agus earball coltach ri earball èisg air a' bhodhaig. Thathar a' creidsinn gun tug obair ealan às na dùthchannan meadhan-thìreach an ear buaidh air an stoidhle snaidhidh seo, a tha cuideachd bitheanta ann an Èirinn.

Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a thog i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clasch shnaidhte, Tobar Oran, Colbhasa

EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa

20l

Gàidhealtachd agus Eileanan; eachdraidh shòisealta; clachan snaidhte; tobraichean; dealbh camara; snaidheadh; croisean; eileanan; caibeilean; eaglais; eaglaisean; an eaglais Cheilteach

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection