Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Fada, Colbhasa
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0932
ÀITE
Loch Fada
SGÌRE
Diùra agus Colbhasa
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa
LINN
20th Century
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10825
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
eachdraidh shòisealta
lochan
eileanan
lùsan
Loch Fada, Colonsay

Is e Loch Fada an loch as motha ann an Eilean Cholbhasa sna h-Eileanan a-staigh. Tha an loch eadar Cill Odhrain is Sgalasaig agus tha trì laganan fa leth innte, a tha 2 mhìle (3cil.) a dh'fhaid is iad a' laighe bhon iar thuath don iar dheas. Is e seo an aon àite ann an Colbhasa far a bheil fios againn le cinnt gu bheil an aibhneag no najas flexilis ri fhaighinn. Air an adhbhar seo, chaidh an t-àite ainmeachadh mar Sgìre Glèidhteachais Shònraichte. Chaidh an dealbh seo a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn. Is dòcha gur e sealladh de Loch Fada a th' ann.

Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a thog i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Fada, Colbhasa

EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa

20th Century

Gàidhealtachd agus Eileanan; eachdraidh shòisealta; lochan; eileanan; lùsan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection