Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Garadh, Loch Abar
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0933
ÀITE
Loch Garadh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
LINN
20th Century
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10826
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
eachdraidh shòisealta
dealan-uisge
lochan
aibhnichean
coilltean
glinn
Loch Garry, Lochaber

Tha Loch Garadh ann an Gleann Garadh an iar air a' Ghleann Mhòr. Tha e ann an sgìre Loch Abar air a' Ghàidhealtachd. Tha an loch seo 7cil. a dh'fhaid agus 's ann à Abhainn Garaidh (à Loch Cuaich) air an taobh chlì a tha uisge na locha a' tighinn. Tha an t-uisge an uair sin a' sruthadh do Loch Omhaich air a' cheann an ear. Tha Loch Garadh is Abhainn Garadh mar phàirt de Sgeama Dealan-uisge Gharaidh-Mhoireasdan, a dh'fhosgail ann an 1962. Tha an sgìre timcheall Loch Garadh cuideachd na phàirt de Thearmann na Coille Cailleanaich. Chaidh an dealbh a thogail le M.E.M Donaldson sa chiad leth den 20mh linn. Is dòcha gur e Loch Garradh a tha san deilbh.

Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a thog i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Garadh, Loch Abar

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

20th Century

Gàidhealtachd agus Eileanan; eachdraidh shòisealta; dealan-uisge; lochan; aibhnichean; coilltean; glinn

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection