Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gil choillteach, Gleann Garadh, Loch Abar
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0934
ÀITE
Gleann Garadh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
LINN
20th Century
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10827
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
eachdraidh shòisealta
dealan-uisge
dealbh camara
glinn
gil
lochan
aibhnichean
uillt
coille
coilltean
Wooded ravine, Glen Garry, Lochaber

Tha Gleann Garadh an iar air a' Ghleann Mhòr. Tha e ann an sgìre Loch Abar air a' Ghàidhealtachd. Tha an loch seo 7cil a dh'fhaid agus 's ann às an Abhainn Garaidh (à Loch Cuaich) air a thaobh chlì a tha uisge an locha a' tighinn. Tha an t-uisge an uair sin a' sruthadh do Loch Omhaich air a' cheann an ear. Tha Loch Garadh is Abhainn Garadh mar phàirt de Sgeama Dealan-uisge Gharaidh-Mhoireasdan, a dh'fhosgail ann an 1962. Tha an sgìre timcheall Loch Garadh cuideachd na phàirt de Thèarmann na Coille Cailleanaich. Chaidh an dealbh seo de dh'allt ann an gil choillteach faisg air Gleann Garadh a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn.

Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a thog i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gil choillteach, Gleann Garadh, Loch Abar

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

20th Century

Gàidhealtachd agus Eileanan; eachdraidh shòisealta; dealan-uisge; dealbh camara; glinn; gil; lochan; aibhnichean; uillt; coille; coilltean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection