- TIOTAL
- Loch Pollaraidh, Loch Abar
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0938
- ÀITE
- Loch Pollaraidh
- SGÌRE
- Loch Abar
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
- LINN
- 20th Century
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10831
- KEYWORDS
- Gàidhealtachd agus Eileanan
eachdraidh shòisealta
dealan-uisge
dealbh camara
glinn
lochan
aibhnichean
coille
coilltean
creagan

Tha Loch Pollaraidh air Abhainn Garadh eadar Loch Cuaich is Loch Garadh ann an sgìre Loch Abar, tuath air a' Ghleann Mhòr. Tha Loch Garadh is Abhainn Garadh mar phàirt de Sgeama Dealan-uisge Gharaidh-Mhoireasdan, a dh'fhosgail ann an 1962. Tha an sgìre timcheall Loch Garadh cuideachd na phàirt de Thèarmann na Coille Cailleanaich. Chaidh an sealladh seo de Loch Pollaraidh, le Beinn Gairich ri cùl na deilbhe, a thogail le M.E.M Donaldson san chiad leth den 20mh linn.
Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a thog i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive