Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh de Cheann Loch Shùirn
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0944
ÀITE
Ceann Loch Shùirn
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Gleann Eilg
LINN
20th Century
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10835
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
dealan-uisge
dealbh camara
lochan
rathaidean
glinn
beinn
beanntan
Landscape, Kinloch Hourn

Tha Ceann Loch Shùirn suidhichte aig ceann an ear Loch Shùirn aig ceann rathaid aona-shligheach 22 mìle a dh'fhaid à Inbhir Garadh ann an sgìre Loch Abar. Tha seallaidhean brèagha rim faicinn bhon rathad. B' àbhaist sluagh mòr a bhith a' fuireach anns a' bhaile mar thoradh air iasgach an sgadain. Chaidh an dealbh seo de rathad a' dol tro thalamh chnocach a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson. Is dòcha gun deach an dealbh seo a thogail faisg air Ceann Loch Shùirn.

Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a thog i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh de Cheann Loch Shùirn

INBHIR NIS: Gleann Eilg

20th Century

Gàidhealtachd agus Eileanan; dealan-uisge; dealbh camara; lochan; rathaidean; glinn; beinn; beanntan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection