Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dùn Mhuirich, Linne Mhuirich, Cnapadal
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0948
ÀITE
Linne Mhuirich
SGÌRE
Meadhan Earra-Ghàidheil
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cnapadal a Tuath
LINN
20th Century
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10838
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
dealbh-camara
daingneachdan
dachaigh
dachaighean
taigh
taighean
eileanan
arceòlas
làraich-arceòlach
laimrigean
lochan
dùn, dùin
Dun Mhuirich, Linne Mhuirich, Knapdale

Is daingneachd no cuairteachadh beag bho Linn an Iarainn a th' ann an dùn. Mar bu thrice, bhiodh e cruinn no ugh-chruthach agus gu tric bhiodh e air a thogail air creig no cnocan iomchaidh. 'S dòcha gur e an dachaigh aig aon teaghlach àrd-ìre a bh' anns an dùn. 's e Dùn Mhuirich, air cladach Linne Mhuirich, tuath air Loch Suain air rubha Chnapadail a th' anns an dealbh seo.

Tha pàirt de phrìomh bhalla an dùin ann an staid anabarrach math. Tha tobhtaichean de thogalaichean cloiche taobh a-staigh an dùin. Thathar air seòrsa de laimrig a dhèanamh aig bun na creige, a' cleachdadh ulbhagan.

Rugadh an dealbhadair, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear de na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927. Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dùn Mhuirich, Linne Mhuirich, Cnapadal

EARRA-GHÀIDHEAL: Cnapadal a Tuath

20th Century

Gàidhealtachd agus Eileanan; dealbh-camara; daingneachdan; dachaigh; dachaighean; taigh; taighean; eileanan; arceòlas; làraich-arceòlach; laimrigean; lochan; dùn, dùin

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection