- TIOTAL
- Cnocan, Cnapadal
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0950
- ÀITE
- Cnapadal
- SGÌRE
- Meadhan Earra-Ghàidheil
- LINN
- 20th Century
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10840
- KEYWORDS
- Gàidhealtachd agus Eileanan
dealbh camara
cnocan
beinn
beanntan
rubhaichean
MacNèill

Chaidh an dealbh seo de fhear na sheasamh aig bonn cnoc creagach a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson. Chan eil fios againn le cinnt far an deach seo a thogail ach is dòcha gun deach a thogail ann an Cnapadal.
Tha ceangail eachdraidheil aig Cnapadal ri clann Mhic Nèill is clann Mhic a' Mhaoilein. Tha e air costa an iar Earra-Ghàidheal, tuath air rubha Ceann Tìre. Tha Canal a' Chrìonain a' sgaradh Chnapadail bho sgìre Latharna air an taobh tuath. Is e Àird Driseig, a tha air taobh an ear Loch Fìne, prìomh bhaile Chnapadail. Tha Loch Suain is Loch Caolasport air a' chosta an iar a' sruthadh do Chaolas Dhiùra. Is e Àird Driseig, a tha suidhichte air taobh an ear Loch Fìne, prìomh bhaile Chnapadail.
Rugadh an dealbhadair, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear de na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927. Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive