Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Caolasport no Loch Suain, Cnapadal
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0951
ÀITE
Cnapadal
SGÌRE
Meadhan Earra-Ghàidheil
LINN
20th Century
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10841
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
MacNèill
dealbh camara
costa
costaichean
lochan
rubhaichean
Loch Caolisport or Loch Sween, Knapdale

Chaidh an dealbh seo de loch-mara a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson. Is dòcha gur e Loch Caolasport no Loch Suain, faisg air Taigh a' Bhealaich air rubha Chnapadail air costa an iar Earra-Ghàidheil a th' ann.

Tha ceangail eachdraidheil aig Cnapadal ri clann Mhic Nèill is clann Mhic a' Mhaoilein. Tha e air costa an iar Earra-Ghàidheal, tuath air rubha Ceann Tìre. Tha Canal a' Chrìonain a' sgaradh Chnapadail bho sgìre Latharna air an taobh tuath. Is e Àird Driseig, a tha suidhichte air taobh an ear Loch Fìne, prìomh bhaile Chnapadail. Tha Loch Suain is Loch Caolasport air a' chosta an iar a' sruthadh do Chaolas Dhiùra. Is e Àird Driseig, a tha suidhichte air taobh an ear Loch Fìne, prìomh bhaile Chnapadail.

Rugadh an dealbhadair, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear de na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927. Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Caolasport no Loch Suain, Cnapadal

20th Century

Gàidhealtachd agus Eileanan; MacNèill; dealbh camara; costa; costaichean; lochan; rubhaichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection