Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-tughaidh, Cnapadal
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0952
ÀITE
Cnapadal
SGÌRE
Meadhan Earra-Ghàidheil
LINN
20th Century
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10842
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
taighean-tughaidh
dealbh camara
rubhaichean
Thatched cottage, Knapdale Peninsula

Chaidh an dealbh seo de thaigh-tughaidh a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson.

Bha e na chleachdadh gum biodh an tughadh air uachdar frèam fiodha a bha na laighe air ballachan an taighe. Bha e saor agus aotrom, gus nach cuireadh e cus cuideim air na ballachan. Chaidh caochladh rudan a chleachdadh mar eisimpleir connlach, fraoch agus feur, a rèir na bha ri làimh ann an àite. Bha an tughadh air a dhèanamh tèarainte le seann lìon no sreang, 's air a chumail daingeann le clachan mòra.

Rugadh an dealbhadair Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. 'S e fear de na h-àiteachan a b' fheàrr leatha Rudha Àird nam Murchan agus 's ann an sin ann an Sanna a rinn i a dachaigh ann an 1927. Thog i taigh, a' cleachdadh dòighean is stuthan traidiseanta agus 's ann bho dham a rinn i dhi fhèin a-mhàin a fhuair i a cuid dealain. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre, agus nam measg thug i seachad cunntas air togail a dachaigh fhèin ann an Sanna. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-tughaidh, Cnapadal

20th Century

Gàidhealtachd agus Eileanan; taighean-tughaidh; dealbh camara; rubhaichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection