Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh-tìre, Cnapadal
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0953
ÀITE
Cnapadal
SGÌRE
Meadhan Earra-Ghàidheil
LINN
20th Century
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10843
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
MacNèill
dealbh camara
costa
costaichean
lochan
rubhaichean
preasan
Landscape, Knapdale Peninsula

Chaidh an dealbh seo de thalamh àrd preasach a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson. Is dòcha gur ann ann an rubha Chnapadail a chaidh a togail.

Tha ceangail eachdraidheil aig Cnapadal ri clann Mhic Nèill is clann Mhic a' Mhaoilein. Tha e air costa an iar Earra-Ghàidheal, tuath air rubha Ceann Tìre. Tha Canal a' Chrìonain a' sgaradh Chnapadai bho sgìre Latharna air an taobh tuath. Is e Àird Driseig, a tha suidhichte air taobh an ear Loch Fìne, prìomh bhaile Chnapadail. Tha Loch Suain is Loch Caolasport air a' chosta an iar a' sruthadh do Chaolas Dhiùra. Is e Àird Driseig, a tha suidhichte air taobh an ear Loch Fìne, prìomh bhaile Chnapadail.

Rugadh an dealbhadair Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. 'S e fear de na h-àiteachan a b' fheàrr leatha Rudha Àird nam Murchan agus 's ann an sin ann an Sanna a rinn i a dachaigh ann an 1927. Thog i taigh, a' cleachdadh dòighean is stuthan traidiseanta agus 's ann bho dham a rinn i dhi fhèin a-mhàin a fhuair i a cuid dealain.

Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre, agus nam measg thug i seachad cunntas air togail a dachaigh fhèin ann an Sanna. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh-tìre, Cnapadal

20th Century

Gàidhealtachd agus Eileanan; MacNèill; dealbh camara; costa; costaichean; lochan; rubhaichean; preasan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection