Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caibeal Naomh Maol Rubha, Àrasaig
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0963
ÀITE
Àrasaig
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
LINN
20th Century
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10851
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
bàrdachd
dealbh-camara
eaglaisean
caibeilean
àiteachan tiodhlacaidh
cladh
cladhan
bàrd
bàird
naomhan
Caitligeachd
St Maelrubha's Chapel, Arisaig

'S ann on t-16mh linn no 's dòcha nas tràithe, a tha seann eaglais agus cladh a' pharraiste ann an Àrasaig, air a bheil cuideachd an t-ainm Caibeal Naomh Maol Rubha, no seann eaglais Chill Mhaol Rubha no Chille Mhoire. Tha an caibeal na sheasamh an taobh a tuath air Eaglais Chaitligich an Naoimh Muire, a dh'fhosgail ann an 1849. Tha am bàrd Gàidhlig Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair air a thìodhlacadh anns a' chladh seo ach chan eil fhios againn dè an uaigh a th' ann. Chaidh an sealladh den eaglais seo a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn.

Rugadh an dealbhadair, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig I don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn I tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear de na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn I a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caibeal Naomh Maol Rubha, Àrasaig

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

20th Century

Gàidhealtachd agus Eileanan; bàrdachd; dealbh-camara; eaglaisean; caibeilean; àiteachan tiodhlacaidh; cladh; cladhan; bàrd; bàird; naomhan; Caitligeachd

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection