Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drochaid Mhòrar
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0964
ÀITE
Mòrar
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Gleann Eilg
LINN
20th Century
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10852
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
turasachd
rathaidean-iarann
loidhnichean rèile
dealbh-camara
drochaidean
aibhichean
drochaid
drochaidean
Morar Viaduct

Tha an West Highland Extension Railway a' dol tarsainn air Abhainn Mhòrar air Drochaid Mhòrar. Chaidh Rathad-iarann Leudachaidh na Gàidhealtachd an Iar (West Highland Extension Railway) fhosgladh ann an 1901. Tha an loidhne a' ruith eadar An Gearasdan agus Malaig agus chaidh a thogail airson ceangail ri seirbheisean aiseag nan Eilean Siar agus gus brosnachadh a thoirt do ghnìomhachas an iasgaich. Tha an turas rèile seo a-nis am measg an fheadhainn as mòr-chòrdte do luchd-turais. Chaidh an dealbh seo den drochaid a thogail le M.E.M Donaldson sa chiad leth den 20mh linn.

Rugadh an dealbhadair, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig I don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn I tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear de na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn I a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid Mhòrar

INBHIR NIS: Gleann Eilg

20th Century

Gàidhealtachd agus Eileanan; turasachd; rathaidean-iarann; loidhnichean rèile; dealbh-camara; drochaidean; aibhichean; drochaid; drochaidean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection