- TIOTAL
- Tràighean Geala Mhòrair
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0966
- ÀITE
- Mòrar
- SGÌRE
- Loch Abar
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Gleann Eilg
- LINN
- 20th Century
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10853
- KEYWORDS
- Gàidhealtachd agus Eileanan
rathaidean-iarann
tràigh
tràighean
gainmheach
costa
costaichean
cladach
cladaichean

Tha 'Tràighean Geala Mhòrair' far costa an iar Mhòrair mu choinneimh Linne Shlèite. Mar phàirt de 'Slighe nan Eilean', tha luchd-turais air fàs measail air an sgìre mun cuairt Àrasaig, gu h-àraid bhon a chaidh Rathad-iarainn Leudachaidh na Gàidhealtachd an Iar (an West Highland Extension Railway) a thogail ann an 1901. Chaidh an sgìre a chleachdadh ann an iomadh film cuideachd leithid 'Local Hero' agus 'Highlander'.
Rugadh an dealbhadair, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear de na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive