Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais Chaitligeach Naomh Muire, Àrasaig
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0969
ÀITE
Àrasaig
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
LINN
20th Century
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10856
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
bàrd
bàird
eaglisean
caibeilean
cladhan
uaighean
tùir
Caitligeachd
an eaglais Chaitligeach
St Mary's Roman Catholic Church, Arisaig

Chaidh Eaglais Chaitligeach an Naoimh Muire ann an Àrasaig a thogail ann am meadhan an 19mh linn a chionn 's gun robh sean chaibeal na sgìre air fàs ro bheag airson a coitheanal. Tha tobhta na seann eaglais paraiste air a bheil Caibeal Naomh Maol Rubha, no seann eaglais Chill Mhaol Rubha no Chille Mhoire suidhichte anns a' chladh deas air an eaglais ùir. Tha am bàrd Gàidhlig Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair air a thìodhlacadh anns a' chladh seo ach chan eil fhios againn càite. Chaidh an gleoc a tha air aghaidh a deas tùr na h-eaglaise a chur ann mar chuimhneachan air. Chaidh an sealladh seo den eaglais a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn.

Rugadh an dealbhadair, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear de na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais Chaitligeach Naomh Muire, Àrasaig

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

20th Century

Gàidhealtachd agus Eileanan; bàrd; bàird; eaglisean; caibeilean; cladhan; uaighean; tùir; Caitligeachd; an eaglais Chaitligeach

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection