Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leac uaighe snaidhte, Caibeal Naomh Maol Rubha, Àrasaig
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0974
ÀITE
Àrasaig
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
LINN
20th Century
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10860
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
leacan uaighe
cladh
cladhan
eaglais
caibeilean
snaidheadh
eaglais Cheilteach
Carved grave stone, St Maelrubha's Chapel, Arisaig

Tha an leac uaighe snaidhte seo ann an cladh na seann eaglaise ann an Àrasaig, air a bheil cuideachd an t-ainm Caibeal an Naoimh Maol Rubha, no seann eaglais Chill Mhaol Rubha no Chille Mhoire. Chaidh an dealbh seo den leac a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn. Tha na h-ìomhaighean snaidhte air aghaidh na cloiche a' gabhail a-steach dà làimh a' greimeachadh air crois Cheiltich agus bàta-seòlaidh. Tha litrichean fillte air an lic agus tha e coltach gur iad sin 'MAIRGML'.

Rugadh an dealbhadair, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear de na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leac uaighe snaidhte, Caibeal Naomh Maol Rubha, Àrasaig

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

20th Century

Gàidhealtachd agus Eileanan; leacan uaighe; cladh; cladhan; eaglais; caibeilean; snaidheadh; eaglais Cheilteach

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection