Ùrachadh mu Dheireadh 30/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Frith-rathad tro Ghleann Nibheis
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0985
ÀITE
Gleann Nibheis
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
LINN
20th Century
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10871
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
dealbh-camara
frith-rathaidean
beinn
beanntan
glinn
Track through Glen Nevis

Tha Gleann Nibheis, gleann bòidheach ann an Loch Abar, na laighe deas air a' Ghearasdan aig bun Beinn Nibheis, a' bheinn as àirde ann am Breatainn. Chaidh am frith-rathad tron ghleann a thogail aig deireadh an naoidhamh linn deug agus chaidh a chleachdadh le mòran charbadan-eich. Chithear Meall Cumhann ri cùl na deilbhe. Chaidh an dealbh a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn.

Rugadh an dealbhadair, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear de na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Frith-rathad tro Ghleann Nibheis

INBHIR NIS: Cill Mhàillidh

20th Century

Gàidhealtachd agus Eileanan; dealbh-camara; frith-rathaidean; beinn; beanntan; glinn

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection