Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Inbhir Lòchaidh
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0986
ÀITE
Inbhir Lòchaidh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
LINN
20th Century
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10872
KEYWORDS
Gàidhealtachd agus Eileanan
Cuimeanaich
caistealan
cumhnantaich
Inverlochy Castle

Air a thogail an toiseach mu 1280, tha Caisteal Inbhir Lòchaidh na sheasamh ann an àite cudromach aig beul a' Ghlinn Mhòir. Chaidh a thogail le na Cuimeanaich a bha nam Morairean air Loch Abar is Bàideanach. Ann an 1645 seo far an do rinn an Seanalair Montròis a' chuis air Diùc Earra-ghàidheil agus arm de Chùmhnantaich. Tràth anns an 18mh linn, bha an caisteal na stòr aig Companaidh Iarainn Inbhir Gharaidh.

Rugadh an dealbhadair, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear de na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Inbhir Lòchaidh

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

20th Century

Gàidhealtachd agus Eileanan; Cuimeanaich; caistealan; cumhnantaich

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection