Ùrachadh mu Dheireadh 30/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uamh an Naoimh Charmaig, Eilean Mòr, Loch Suain
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0989
ÀITE
Eilean Mòr
SGÌRE
Meadhan Earra-Ghàidheil
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cnapadal a Deas
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10875
KEYWORDS
dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
leacan croise
croisean
eaglaisean
caibealan
uaighean
uaimhean
manaich
naoimh
Eaglais Cheilteach
Crìosdaidheachd
snaidheadh
St Cormac's Cave, Eilean Mòr, Loch Sween

Faisg air ceann an earra-dheas an Eilein Mhòir, an t-eilean as motha ann am buidheann de dh'eileanan ann an Caolas Dhiùra, tha uamh ann air a bheil 'Uaimh an Naoimh Charmaig'. Tha na ballachan air an snaidheadh le croisean sìmplidh. 'S e an Naomh Carmag manach Èireannach on t-7mh linn a stèidhich manachainn sa Chill ann an iar-eilean Taigh a' Bhealaich. Tha e air aithris gun do chleachd e Eilean Mòr mar chuilidh thràth Chrìosdail. Tha beul na h-uamha ri lorg san t-sloc seo. Chaidh an dealbh seo a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn.

Rugadh an tè a thog an dealbh, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. 'S e fear de na sgìrean a b' fheàrr leatha Rubha Àird nam Murchan agus b' ann an sin, ann an Sanna, a rinn i dachaigh ann an 1927.

Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchas agus eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd a tuath is an iar. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' a dhà de na leabhraichean as ainmeile aice agus 's e na dealbhan-camara aice fhèin a tha san dà leabhar. Bhàsaich i ann an taigh-altraim ann an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uamh an Naoimh Charmaig, Eilean Mòr, Loch Suain

EARRA-GHÀIDHEAL: Cnapadal a Deas

20l

dealbhadaireachd-camara; togail dhealbhan; A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; eachdraidh shòisealta; leacan croise; croisean; eaglaisean; caibealan; uaighean; uaimhean; manaich; naoimh; Eaglais Cheilteach; Crìosdaidheachd; snaidheadh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection