Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mullach Dhùin Athad
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0992
ÀITE
Dùn Athad
SGÌRE
Meadhan Earra-Ghàidheil
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cille Mhìcheil Ghlasaraidh
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10878
KEYWORDS
togail dhealbhan
a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
dùn
dùin
daingneachan
Cruithnich
obair meatailte
arsaidheachd
ionadan àirseachail
stuthan àirseachail
snaidheadh
creagan snaidhte
rìghrean Alba
Summit of Dunadd hillfort

A rèir beul aithris, 's e Dùn Athad an seann dùn rìoghail aig na h-Albannaich, no na Scots, fear de na prìomh ionadan ann an Rìoghachd Dhail Riata. Air a shuidheachadh gu cudromach air cnoc creagach a tha ag èirigh bho ghleann rèidh Chill Mhàrtainn, beagan gu tuath air Ceann Loch Gilp, bha an dùn air a dhaingneachadh gu làidir agus furasta a dhìon. 'S ann sa chiad leth den 20mh linn a chaidh an dealbh seo a thogail agus chì thu ann an sealladh bho mhullach Dhùin Athad.

Chaidh cladhadh-siridh a dhèanamh aig Dùn Athad aig amannan tron 20mh linn. Sa chladhadh mu dheireadh, ann an 1980-81, lorgadh gun robh co-dhiù dà earrann de thogail air. Tha a' chuid as motha de na chaidh a lorg a' tighinn bhon t-6mh suas dhan 9mh linn agus nam measg tha iomadh rud cudromach ann, leithid seudaireachd agus sligean far an deach òr, airgead is umha an dinneadh.

Air mullach Dhùin Athad tha grunnan de dh'ìomhaighean far a bheil a' chreag air a snaidheadh, nam measg torc (ann an stoidhle nan Cruithneach), sreathan de sgrìobhaidhean Ogham, mìos agus lorg coise. A rèir beul-aithris bha a' mhìos agus an lorg coise air an cleachdadh nuair a bhiodh rìghrean ùra air Dail Riata gan cur an dreuchd.

Rugadh an tè a thog an dealbh, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. 'S e fear de na sgìrean a b' fheàrr leatha Rubha Àird nam Murchan agus b' ann an sin, ann an Sanna, a rinn i dachaigh ann an 1927.

Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchas agus eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd a tuath is an iar. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' a dhà de na leabhraichean as ainmeile aice agus 's e na dealbhan-camara aice fhèin a tha san dà leabhar. Bhàsaich i ann an taigh-altraim ann an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mullach Dhùin Athad

EARRA-GHÀIDHEAL: Cille Mhìcheil Ghlasaraidh

20l

togail dhealbhan; a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; eachdraidh shòisealta; dùn; dùin; daingneachan; Cruithnich; obair meatailte; arsaidheachd; ionadan àirseachail; stuthan àirseachail; snaidheadh; creagan snaidhte; rìghrean Alba

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection