Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rathad a-steach do Dhùn Athad
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_1002
ÀITE
Dùn Athad
SGÌRE
Meadhan Earra-Ghàidheil
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cille Mhìcheil Ghlasaraidh
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10888
KEYWORDS
dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
dùn
dùin
daingneachan
Cruithnich
obair meatailte
arsaidheachd
ionadan àirseachail
stuthan àirseachail
snaidheadh
creagan snaidhte
Entrance to Dunadd hillfort

A rèir beul aithris, 's e Dùn Athad an dùn rìoghail fìor aosta aig na h-Albannaich, no na Scots, fear de na prìomh ionadan ann an Rìoghachd Dhailrìata. Air a shuidheachadh gu cudromach air cnoc creagach a tha ag èirigh bho ghleann rèidh Chill Mhàrtainn, beagan gu tuath air Ceann Loch Gilp, bha an dùn air a dhaingneachadh gu làidir agus furasta a dhìon. 'S ann sa chiad leth den 20mh linn a chaidh an dealbh seo a thogail agus chì thu ann an sealladh bho mhullach Dhùin Athad.

Chaidh cladhadh-siridh a dhèanamh aig Dùn Athad aig amannan tron 20mh linn. Sa chladhadh bho dheireadh, ann an 1980-81, lorgadh a-mach gu robh co-dhiù dà earrann de thogail air. Tha a' chuid as motha de na chaidh a lorg a' tighinn bhon t-6mh suas dhan 9mh linn agus nam measg tha iomadh rud àrd-ìre ann, leithid seudaireachd agus sligean far an deach òr, airgead is umha an dinneadh.

Air mullach Dhùin Athad tha grùnn de dh'ìomhaighean ann far a bheil a' chreag air a snaidheadh, nam measg torc (san stoidhle Phiocach), sreathan de sgrìobhaidhean Ogham, mias air a slocachadh a-mach agus lorg coise. A rèir beul-aithris 's ann a chaidh a' mhias agus an lorg coise an cleachdadh nuair a bhiodh rìghrean ùra air Dailrìata air an cur nan dreuchdan.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Bhàsaich i ann an taigh-altraim an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rathad a-steach do Dhùn Athad

EARRA-GHÀIDHEAL: Cille Mhìcheil Ghlasaraidh

20l

dealbhadaireachd-camara; togail dhealbhan; a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; eachdraidh shòisealta; dùn; dùin; daingneachan; Cruithnich; obair meatailte; arsaidheachd; ionadan àirseachail; stuthan àirseachail; snaidheadh; creagan snaidhte

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection