Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Stalcaire, Loch Liathach, An Apainn
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_1005
ÀITE
An Apainn
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10892
KEYWORDS
dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
caistealan
tùr-thaighean
aitreabhan
lochan
Seumasaich
cinnidhean
Stiùbhart na h-Apainn
Loch Linne
oighreachdan arfuntaichte
ath-thogail
Castle Stalker, Loch Laich, Appin

Tha Caisteal Stalcaire, tùr-thaigh trì lobhtach, na shuidhe air eilean beag aig beul Loch Liathaich, ri taobh Loch Linne. Tha a h-uile coltas gun deach a thogail am meadhan an t-16mh linn do Stiùbhartan na h-Apainn, ach 's dòcha gun robh daingeachd an seo cho tràth ris a' 14mh linn.

Tha an caisteal air a bhith fo sheilbh diofar dhaoine agus gu h-ainmeil chaidh a chall na gheall do na Caimbeulaich ann an 1620. Às dèidh Blàr Dhùin Chaillinn (1689) bha an caisteal arfuntaichte dhan Chrùn mar thoradh air an taic a thug na Stiùbhartaich do Sheumas Vll agus ll. Aig àm a '45 chaidh a chur gu feum na ghearastan arm an riaghaltais. Ann an 1830 bha an caisteal bàn, gun mhullach ach sna 1960an chaidh a thogail às ùr nuair a bha e le Lt. Col. Stiùbhart Allward nach maireann. 'S ann on chiad leth den 20mh linn a tha an dealbh seo agus chithear an caisteal mar a bha e mus deach a leasachadh.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Bhàsaich i ann an taigh-altraim an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Stalcaire, Loch Liathach, An Apainn

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

20l

dealbhadaireachd-camara; togail dhealbhan; a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; eachdraidh shòisealta; caistealan; tùr-thaighean; aitreabhan; lochan; Seumasaich; cinnidhean; Stiùbhart na h-Apainn; Loch Linne; oighreachdan arfuntaichte; ath-thogail

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection