Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clach-uaighe Stiùbhairt Apainn, Apainn
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_1007
ÀITE
An Apainn
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10894
KEYWORDS
dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
carraighean-cuimhne
leacan-cuimhne
clachan-uaighe
eaglaisean
caibealan
Stiùbhart na hApainn
cladhan
tìodhlacaidhean
uaighean
Stewart of Appin gravestone, Appin

Tha seann eaglais a' pharraist san Apainn, no Taigh an Ribidh, na tobhta gun mhullach, còmhdaichte le eidheann. Air a togail ann an 1749, bha togalach ann roimhe mu 1641, a bha 's dòcha na sheasamh air an aon làraich ri caibeal na bu thràithe dhen ainm Annat. 'S ann on chiad leth den 20mh linn a tha an dealbh seo den eaglais agus den chladh.

Air balla ceann an iar na h-eaglais tha cùlaist bhoghach ann far a bheil leac-cuimhne Stiùbhairt na h-Apainn air a gleidheadh. Bha an leac seo na seasamh roimhe air mullach uaigh Stiùbhairt na h-Apainn ann an Cuil Lodair agus tha e a' cuimhneachadh fir a' chinnidh a thuit ann am Blàr Chuil Lodair ann an 1746.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Bhàsaich i ann an taigh-altraim an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clach-uaighe Stiùbhairt Apainn, Apainn

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

20l

dealbhadaireachd-camara; togail dhealbhan; a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; eachdraidh shòisealta; carraighean-cuimhne; leacan-cuimhne; clachan-uaighe; eaglaisean; caibealan; Stiùbhart na hApainn; cladhan; tìodhlacaidhean; uaighean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection