- TIOTAL
- Caisteal Stalcaire, Loch Liathach, Apainn
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_1012
- ÀITE
- An Apainn
- SGÌRE
- Ceann a Tuath Latharna
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10898
- KEYWORDS
- dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
caistealan
tùr-thaighean
aitreabhan
lochan
Seumasaich
cinnidhean
Stiùbhart Apainn
Loch Linne
oighreachdan arfuntaichte
ath-thogail
Tha Caisteal Stalcaire, tùr-thaigh trì lobhtach, na shuidhe air eilean beag aig beul Loch Liathaich, ri taobh Loch Linne. Tha a h-uile coltas gun deach a thogail am meadhan an t-16mh linn do Stiùbhartan na h-Apainn, ach 's dòcha gun robh daingeachd an seo cho tràth ris a' 14mh linn.
Tha an caisteal air a bhith fo sheilbh diofar dhaoine agus gu h-ainmeil chaidh a chall na gheall do na Caimbeulaich ann an 1620. Às dèidh Blàr Dhùin Chaillinn (1689) bha an caisteal arfuntaichte dhan Chrùn mar thoradh air an taic a thug na Stiùbhartaich do Sheumas Vll agus ll. Aig àm a '45 chaidh a chur gu feum na ghearastan arm an riaghaltais. Ann an 1830 bha an caisteal bàn, gun mhullach ach sna 1960an chaidh a thogail às ùr nuair a bha e le Lt. Col. Stiùbhart Allward nach maireann. 'S ann on chiad leth den 20mh linn a tha an dealbh seo agus chithear an caisteal mar a bha e mus deach a leasachadh.
Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Bhàsaich i ann an taigh-altraim an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive