Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàtaichean air an ceangal aig Beulanach, Sligh-uisge a' Chrìanain
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_1016
ÀITE
Beulanach
SGÌRE
Meadhan Earra-Ghàidheil
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cnapadal a Tuath
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10902
KEYWORDS
dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
slighean-uisge
bailtean beaga
clachanan
Boats moored at Bellanoch, Crinan Canal

Tha clachan Bheulanach na laighe ri taobh an earra-dheas Slighe-uisge a' Chrìanain, 3cil. an earra-dheas air clachan a' Chrìanain. San dealbh seo on chiad leth den 20mh linn chithear bàtaichean air an ceangal ann an lochan na slighe-uisge aig Beulanach.

Air a dhealbhadh le Iain Rennie, dh'fhosgail Slighe-uisge a' Chrìanain ann an 1801. Bha an t-slighe-uisge, a bha 9 mìle ann am faid, a' ceangal Àird Driseig agus Crìanan agus bha seo a' fàgail rathad seòlaidh aig cabhlaich iasgaich Loch Fìn agus Abhainn Chluaidh do Chaolas Dhiùra, gus nach fheumadh iad a dhol timcheall air Rubha Chinn Tìre. Chaidh an t-slighe-uisge a chleachdadh cuideachd na cùrsa chunbhalaich le bàtaichean-smùide na dùthcha a bha a' dol eadar Inbhir Nis, Glaschu agus an t-Òban.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Bhàsaich i ann an taigh-altraim an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàtaichean air an ceangal aig Beulanach, Sligh-uisge a' Chrìanain

EARRA-GHÀIDHEAL: Cnapadal a Tuath

20l

dealbhadaireachd-camara; togail dhealbhan; a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; eachdraidh shòisealta; slighean-uisge; bailtean beaga; clachanan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection