Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dùn air Druim an Dùin, Beulanach, Cnapadal
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_1018
ÀITE
Druim an Dùin
SGÌRE
Meadhan Earra-Ghàidheil
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cnapadal a Tuath
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10904
KEYWORDS
dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
dùn
dùin
daingneachan
àrsaidheachd
ionadan àirseachail
stuthan àirseachail
cladhach àirseachail
Dun at Druim an Duin, by Bellanoch, Knapdale.

'S e dùn daigneachd no cuairteachadh beag bho Linn an Iarainn. Mar bu thrice, bhiodh e cruinn no le cruth uighe agus gu tric air a thogail air creig no cnocan iomchaidh. 'S dòcha gur e dachaigh aon teaghlaich àrd-ìre a bh' anns an dùn. Ri fhaicinn san dealbh seo tha pàirt den dùn aig Druim an Dùin, ri taobh Beulanach, dùn a tha air a ghleidheadh gu math.

Chaidh Druim an Dùin a chladhach eadar 1904 is 1905 le D. Christison bho Chomunn Àrsairean na h-Alba ach 's e togail air falbh chlachan a bha sa chuid a bu mhotha den obair. Am measg rudan beaga a chaidh an lorg bha brà rothach agus cupa de chlach-shiabainn le làmh air agus tha iad sin an-diugh ann an Taigh Tasgaidh na h-Alba ann an Dun Èideann.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Bhàsaich i ann an taigh-altraim an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dùn air Druim an Dùin, Beulanach, Cnapadal

EARRA-GHÀIDHEAL: Cnapadal a Tuath

20l

dealbhadaireachd-camara; togail dhealbhan; a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; eachdraidh shòisealta; dùn; dùin; daingneachan; àrsaidheachd; ionadan àirseachail; stuthan àirseachail; cladhach àirseachail

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection