Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crois shnaidhte an Cill Mhàrtainn
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_1021A
ÀITE
Cille Mhàrtainn
SGÌRE
Meadhan Earra-Ghàidheil
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cille Mhàrtainn
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10908
KEYWORDS
dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
leacan croise
croisean
eaglaisean
snaidheadh
ìomhaighean cloiche
cladhan
crann ceusaidh
Sculptured cross at Kilmartin

Bha an crann croise seo, snaidhte sna meadhan-linntean, na sheasamh an toiseach sa chladh ann an Cill Mhàrtainn, Earra-ghàidheal, ach chaidh a ghluasad gu taobh a-staigh na h-eaglais. Air aghaidh na croise chithear ìomhaigh Chriosd air a cheusadh. 'S ann o stoidhle na Gàidhealtachd an iar ann an 'Loch Odha' a tha an snaidheadh cloiche air a' chrois, air nach eil sgrìobhadh sam bith. 'S ann on chiad leth den 20mh linn a tha an dealbh seo agus chì thu ann a' chrois far an robh i bho thùs, mus deach a gluasad.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Bhàsaich i ann an taigh-altraim an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crois shnaidhte an Cill Mhàrtainn

EARRA-GHÀIDHEAL: Cille Mhàrtainn

20l

dealbhadaireachd-camara; togail dhealbhan; A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; eachdraidh shòisealta; leacan croise; croisean; eaglaisean; snaidheadh; ìomhaighean cloiche; cladhan; crann ceusaidh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection