Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crois an t-Sagairt, Eaglais Easbaigeach an Naoimh Brìghde, Omhanaich
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_1029
ÀITE
Omhanaich
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10914
KEYWORDS
A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
leacan croise
coin
croisean
eaglaisean
caibealan
uaighean
clachan-uaighe
Easbaigeach
Priest's Cross, St Bride's Episcopal Church, Onich

Tha a' chrois seo na seasamh taobh a-muigh ceann an iar Eaglais Easbaigeach an Naoimh Brìghde ann an Omhanaich faisg air Baile a' Chaolais. Chaidh a togail mar chuimhneachan air a' Mhanach MacConachaidh, sagart a bha a' tadhal ann an 1887 air an Urramach J R A Chinnery-Haldane, Easbaig air Earra-ghàidheil 's nan Eileanan. Fhad 's a bha e a' tadhal, chaidh an sagart air chuairt a-muigh san t-sneachd agus chaidh a lorg marbh leis an dà chù aig an Easbaig agus rinn iad faire air a chorp.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Bhàsaich i ann an taigh-altraim an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crois an t-Sagairt, Eaglais Easbaigeach an Naoimh Brìghde, Omhanaich

INBHIR NIS: Cill Mhàillidh

20l

A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; eachdraidh shòisealta; leacan croise; coin; croisean; eaglaisean; caibealan; uaighean; clachan-uaighe; Easbaigeach

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection