Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-tughaidh, Loch Abar Iarach
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_1031
ÀITE
Loch Abar Iarach
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10918
KEYWORDS
dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
tughadh
taighean- tughaidh
sgrathan
togail thaighean
mullaichean
Thatched cottage, Nether Lochaber

Chaidh an dealbh seo de thaigh-tughaidh ann an Loch Abar Iarach a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson.

Bhiodh mullach tughaidh na laighe air cliath fiodha na shuidhe air ballachan taighe. Bha e saor agus aotrom, is mar sin cha robh e a' fàgail cus cuideim air na ballachan. Chaidh diofar stuthan a chleachdadh, leithid connlach, fraoch agus muran, a rèir 's na bha ri lorg san sgìre. Chaidh an tughadh a chòmhdach le seann lìontan-iasgaich no ròpa, glè thric air an cumail sios le clachan mòra.

B' ann an 1874 a chaidh Eaglais Easbaigeach an Naoimh Brìghde ann an Omhanaich faisg air Baile a' Chaolais a thogail. 'S e an ciad shealabhadair san Eaglais an t-Urramach J R A Chinnery-Haldane. Chaidh esan a dhèanamh na Easbaig air Earra-ghàidheal 's na h-Eileanan ann an 1883 agus bhàsaich e ann an Allt Seileach an 1906. Chaidh an dealbh seo a thogail sa chiad leth den 20mh linn agus chì thu ann taobh a-staigh na h-eaglais.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Bhàsaich i ann an taigh-altraim an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-tughaidh, Loch Abar Iarach

INBHIR NIS: Cill Mhàillidh

20l

dealbhadaireachd-camara; togail dhealbhan; A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; eachdraidh shòisealta; tughadh; taighean- tughaidh; sgrathan; togail thaighean; mullaichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection