Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Beanntan mun cuairt air Baile a' Chaolais
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_1033
ÀITE
Baile a' Chaolais
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10919
KEYWORDS
dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
sglèatan
sglèat
cuaraidhean
murtan
leabhraichean-sgeulachd
beanntan
oighreachdan arfuntaichte
Hills around Ballachulish

Chaidh an dealbh seo de na beanntan mun cuairt air Baile a' Chaolais a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson.

Tha Baile a' Chaolais na laighe aig ceann an iar Loch Lìobhann ann an sgìre Loch Abair agus tha bailtean Bhaile a' Chaolais, Baile a' Chaolais a Deas agus Baile a' Chaolais a Tuath ann. Tha Baile a' Chaolais fhèin na laighe air taobh a deas an loch, an iar air Gleann Comhann, ach tha bailtean Bhaile a' Chaolais a Deas is a Tuath nan laighe air gach taobh den loch agus bho 1975 tha iad air an ceangal le Drochaid Bhaile a' Chaolais. Roimhe sin bhiodh aiseag a' seòladh eadar an dà bhaile.

Bha sglèat ga mèinneadh ann am Baile a' Chaolais on t-16mh linn. Tha an sgìre cuideachd air a ceangal ri 'Murt na hApainn'. Tha carragh-cuimhne os cionn Drochaid Bhaile a' Chaolais, a' comharrachadh, a rèir beul-aithris, an ionaid far an deach Seumas Stiùbhart 'Seumas a' Ghlinne' a chrochadh air an 8mh Samhainn, 1752, a chionn 's gun do chuidich e ann am murt Chailein Chaimbeil bho Ghleann Iubhair - fear den fhar-ainm an Sionnach Ruadh - maor an riaghaltais air oighreachd ardfuntaichte Àird Sheile.
Chaidh na daoine a bha an sàs sa chùis a thoirt a-steach gu cuimhneachail san leabhar-sgeulachd 'Kidnapped' aig Raibeart Louis Stevenson.

B' ann an 1874 a chaidh Eaglais Easbaigeach an Naoimh Brìghde ann an Omhanaich faisg air Baile a' Chaolais a thogail. 'S e an ciad shealabhadair san Eaglais an t-Urramach J R A Chinnery-Haldane. Chaidh esan a dhèanamh na Easbaig air Earra-ghàidheal 's na h-Eileanan ann an 1883 agus bhàsaich e ann an Allt Seileach an 1906. Chaidh an dealbh seo a thogail sa chiad leth den 20mh linn agus chì thu ann taobh a-staigh na h-eaglais.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Bhàsaich i ann an taigh-altraim an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Beanntan mun cuairt air Baile a' Chaolais

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

20l

dealbhadaireachd-camara; togail dhealbhan; A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; eachdraidh shòisealta; sglèatan; sglèat; cuaraidhean; murtan; leabhraichean-sgeulachd; beanntan; oighreachdan arfuntaichte

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection