- TIOTAL
- Loch Lìobhann
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_1039
- ÀITE
- Loch Lìobhann
- SGÌRE
- Ceann a Tuath Latharna
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10928
- KEYWORDS
- dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
lochan
beanntan
cnuic

Chaidh an sealladh seo de Loch Lìobhann ann an Loch Abar, a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn.
'S e loch cumhang a th' ann an Loch Lìobhann, 17cil. ann am faid, an ear air Loch Linne. Tha e a' sgaoileadh o Cheann Loch Lìobhann san ear gu ruige Baile a' Chaolais a Deas san iar, agus coimhearsnachadan Ghleann Comhainn, Ceann Loch Lìobhann, Baile a' Chaolais agus Omhanaich.
Rugadh an tè a thog an dealbh, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. 'S e fear de na sgìrean a b' fheàrr leatha Rubha Àird nam Murchan agus b' ann an sin, ann an Sanna, a rinn i dachaigh ann an 1927.
Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchas agus eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd a tuath is an iar. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' a dhà de na leabhraichean as ainmeile aice agus 's e na dealbhan-camara aice fhèin a tha san dà leabhar. Bhàsaich i ann an taigh-altraim ann an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive