Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eige o Rubha Àird nam Murchan
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_1042
ÀITE
Àird nam Murchan
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10930
KEYWORDS
dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
eileanan
beanntan
creagan
talamh-eòlas
sgurran
sgorran
Ìnnse Ghall
oirthirean
tràighean
cost
Eigg from the Ardnamurchan Peninsula

'S e Eige fear de na h-eileanan ann an Ìnnse Ghall a-staigh agus tha e na laighe mu 7 mìle o thir-mòr. 'S e bidean An Sgurr, tiùrr mòr air fhàgail le làbha cholbhach de chloich-bhith, an t-àite as àirde air an eilean. Tha sgorran a tuath Eilein Eige aig Bàgh an Laig agus ann an Camas Sgiotaig air an dèanamh à clach-ghainmhich shoilleir a bhios a' breothadh ann an cumaidhean neònach. Tha an talamh ìseal gu deas air muin creig de bhasalt. 'S ann on chiad leth den 20mh linn a tha an dealbh seo de dh'Eige, air a thogail bho Àird nam Murchan.

Rugadh an tè a thog an dealbh, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. 'S e fear de na sgìrean a b' fheàrr leatha Rubha Àird nam Murchan agus b' ann an sin, ann an Sanna, a rinn i dachaigh ann an 1927.

Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchas agus eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd a tuath is an iar. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' a dhà de na leabhraichean as ainmeile aice agus 's e na dealbhan-camara aice fhèin a tha san dà leabhar. Bhàsaich i ann an taigh-altraim ann an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eige o Rubha Àird nam Murchan

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

20l

dealbhadaireachd-camara; togail dhealbhan; A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; eachdraidh shòisealta; eileanan; beanntan; creagan; talamh-eòlas; sgurran; sgorran; Ìnnse Ghall; oirthirean; tràighean; cost

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection