Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taighean-tughaidh, Cill Mhoire, Àird nam Murchan
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_1043
ÀITE
Cille Mhoire
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10932
KEYWORDS
dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
taighean-tughaidh
tughadh
sgrathan
taighean croite
croitean
croitearachd
eilthirich
na Fuadaichean
Thatched cottages, Kilmory, Ardnamurchan

Chaidh dealbh nan taighean-tughaidh seo ann an Cill Mhoire, Àird nam Murchan, a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn. Chaidh an dealbh seo a chleachdadh san leabhar 'Wanderings in the Western Highlands and Islands'.

'S e àm le tòrr atharrachaidhean air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a bh' ann anmoch san 18mh agus tràth san 20mh linn, agus b' ann mar sin a bha cùisean ann an Àird nam Murchan cuideachd. Gus an gabhadh barrachd airgid a dhèanamh às na h-oighreachdan aca, bha uachdarain a' cur suas nam màl agus a' cur mhàladairean air falbh do dh' iomall na tìre gus am faodadh tuathanasan mòra de chaoraich is de dh' fhèidh a bhith ann. Bha feum air luchd-obrach airson gnìomhachasan na feamad agus an iasgaich agus chaidh ceàrnan beaga ùra talmhainn, air an robh croitean, a dhèanamh airson nan daoine seo. Mar a dh'fhàs àireamh an t-sluaigh 's ann a bha an talamh fo fheum, agus thàinig an goirteas. Ghabhadh na croitearan a chur às aig àm sam bith, agus thàinig air mòran dhiubh falbh a-null thairis.

Rugadh an tè a thog an dealbh, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. 'S e fear de na sgìrean a b' fheàrr leatha Rubha Àird nam Murchan agus b' ann an sin, ann an Sanna, a rinn i dachaigh ann an 1927.

Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchas agus eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd a tuath is an iar. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' a dhà de na leabhraichean as ainmeile aice agus 's e na dealbhan-camara aice fhèin a tha san dà leabhar. Bhàsaich i ann an taigh-altraim ann an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taighean-tughaidh, Cill Mhoire, Àird nam Murchan

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

20l

dealbhadaireachd-camara; togail dhealbhan; A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; eachdraidh shòisealta; taighean-tughaidh; tughadh; sgrathan; taighean croite; croitean; croitearachd; eilthirich; na Fuadaichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection