Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Mhùideart
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_1058
ÀITE
Loch Mùideart
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10948
KEYWORDS
dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
oirthirean
tràighean
eachdraidh shòisealta
lochan
eileanan
caistealan
tobhtaichean
làraichean
daingnichean
MacDhòmhnaill
Clann Dòmhnaill
Clann Raghnaill
Entrance to Loch Moidart

San dealbh seo, a chaidh a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn, chì thu an rathad a-steach do Loch Mhùideart, agus Caisteal Tioram pìos air falbh.

Na shuidhe air eilean beag tràghad, chan fhaigh duine don chaisteal ach nuair a tha tràigheadh-mara ann. 'S ann on 13mh linn a tha an caisteal, ach ghabh Aimi NicRuari sealbh air an dèidh don phòsadh aice ri Iain, 7mh Tighearna nan Eilean, a bhith air a dhubhadh às sa 14mh linn. Chaidh Clann Raghnaill nan Dòmhnallach a stèidheachadh leis an dàrna mac aig Aimi agus 's ann acasan a bha an caisteal na dhaingneachd às dèidh siud.

Bha eachdraidh àmhghaireach aig a' chaisteal. Chaidh ionnsaigh a dhèanamh air fo òrdugh Màiri de Guise ann an 1554 fhad 's a bha comhstrì feadhna a' dol, agus chaidh a ghlacadh le Crombail ann an 1651. Chaidh an caisteal a losgadh le Fear Chlann Raghnaill mu dheireadh aig an robh e mus deach e air taobh nan Seumasach ann an 1715, gus nach gabhadh a chur gu feum le feachdan an riaghaltais. Cha tàinig duine a dh' fhuireach ann tuilleadh agus tha e a-nis na thobhta cunnartach.

Rugadh an tè a thog an dealbh, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. 'S e fear de na sgìrean a b' fheàrr leatha Rubha Àird nam Murchan agus b' ann an sin, ann an Sanna, a rinn i dachaigh ann an 1927.

Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchas agus eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd a tuath is an iar. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' a dhà de na leabhraichean as ainmeile aice agus 's e na dealbhan-camara aice fhèin a tha san dà leabhar. Bhàsaich i ann an taigh-altraim ann an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Mhùideart

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

20l

dealbhadaireachd-camara; togail dhealbhan; A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; oirthirean; tràighean; eachdraidh shòisealta; lochan; eileanan; caistealan; tobhtaichean; làraichean; daingnichean; MacDhòmhnaill; Clann Dòmhnaill; Clann Raghnaill

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection