Ùrachadh mu Dheireadh 10/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Buain nan craobhan, Loch Mhùideart
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_1059
ÀITE
Loch Mùideart
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10949
KEYWORDS
dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
oirthirean
tràighean
eachdraidh shòisealta
craobhan
coilltean
forsaireachd
coilltearachd
Tree felling, Loch Moidart

San dealbh seo, a chaidh a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn, chì thu craobhan gan gearradh sios ann an sgìre Loch Mhùideart.

Aig àm a' Chiad agus an Dàrna Cogaidh chan fhaigheadh luchdan de dh' fhiodh o thall thairis a-steach do Bhreatainn agus mar sin dh'fheumadh am fiodh tighinn o Bhreatainn fhèin. Mar thoradh air seo bha na coilltean air an lùghdachadh gu mòr. Gus craobhan ùra àrach agus stòras dhiubh a thogail, chaidh Achd Forsaireachd 1919 aontachadh agus chaidh Coimisean nan Coilltean a chur air bhonn. Chaidh mòran a bharrachd choilltean an cur, gu h-àraid às dèidh an Dàrna Cogaidh. Dh'abhbharaich seo mòran luchd-obrach ùr tighinn agus taighean dhaibh, mar is trice taighean fiodha. Nas fhaisg air an là an-diugh 's ann a tha dòighean ùra ann an riaghladh nan coilltean air obair a thoirt air falbh sna sgìrean sin.

Rugadh an tè a thog an dealbh, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. 'S e fear de na sgìrean a b' fheàrr leatha Rubha Àird nam Murchan agus b' ann an sin, ann an Sanna, a rinn i dachaigh ann an 1927.

Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchas agus eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd a tuath is an iar. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' a dhà de na leabhraichean as ainmeile aice agus 's e na dealbhan-camara aice fhèin a tha san dà leabhar. Bhàsaich i ann an taigh-altraim ann an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Buain nan craobhan, Loch Mhùideart

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

20l

dealbhadaireachd-camara; togail dhealbhan; A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; oirthirean; tràighean; eachdraidh shòisealta; craobhan; coilltean; forsaireachd; coilltearachd

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection