Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-tughaidh, An Cuiltheann Dearg, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_1080
ÀITE
Cuiltheann Dearg
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
10958
KEYWORDS
dealbhadaireachd-camara
togail dhealbhan
A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
taighean-tughaidh
tughadh
sgrathan
mullaichean taighean
togail thaighean
seann taighean
Thatched cottage, Red Cuillin, Skye

Chaidh an dealbh seo de thaigh-tughaidh, fon Chuilthionn Dearg san Eilean Sgitheanach, a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn.

Bhiodh mullach tughaidh na laighe air cliath fiodha na shuidhe air ballachan taighe. Bha e saor agus aotrom, is mar sin cha robh e a' fàgail cus cuideim air na ballachan. Chaidh diofar stuthan a chleachdadh, leithid connlach, fraoch no muran, a rèir na bha ri fhaighinn san sgìre. Chaidh an tughadh a chòmhdach le seann lìn-iasgaich no ròp, glè thric air an cumail sios le clachan mòra, mar a chithear gu soilleir san dealbh seo.

Tha Abhainn Seile ag èirigh shìos fo Sgurr an Doire Leathainn agus a' ruith tro Ghleann Seile, an taobh a deas air Peathraichean Chinn Tàile agus Coille Chinn Tàile. Tha e an uair sin a' ruith a-steach a Loch Dubhthaich aig Drochaid Seile. 'S ann on chiad leth den 20mh linn a tha an dealbh seo.

Rugadh an tè a thog an dealbh, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. 'S e fear de na sgìrean a b' fheàrr leatha Rubha Àird nam Murchan agus b' ann an sin, ann an Sanna, a rinn i dachaigh ann an 1927.

Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchas agus eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd a tuath is an iar. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' a dhà de na leabhraichean as ainmeile aice agus 's e na dealbhan-camara aice fhèin a tha san dà leabhar. Bhàsaich i ann an taigh-altraim ann an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-tughaidh, An Cuiltheann Dearg, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

20l

dealbhadaireachd-camara; togail dhealbhan; A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan; eachdraidh shòisealta; taighean-tughaidh; tughadh; sgrathan; mullaichean taighean; togail thaighean; seann taighean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection